Lewis CamanachdChaidh Cupa a’ Mhòid a thoirt seachad airson a’ chiad uiar le Meur Comunn Gàidhealach na h-Aghaidh Mòire ann an naoi ceud deug ’s a trì fichead ’s a naoi. Is mòr an t-iongnadh nach robh iomain an-sàs anns an fhèis roimhne sin, leis cho làidir sa tha an ceangal eadar an spòrs agus an cànan – ach is beag an t-iongnadh gun do  shaoil cuideigin aig a’ Chomunn gum biodh an Aghaidh Mhòr glè fhreagarrach airson co-fharpais den leithid a bhith anns an reasoirt ùr leis gu bheil Sgìre Bhaideanaich cho ainmeil airson iomain.

Gu dearbh, chaidh a’ chiad chluiche de Chupa a’ Mhòid a chumail eadar an dà fhuamhaire ud, Baile Ùr an t-Slèibh agus Cinn a’ Ghiuthsaich – agus leis gun robh am Baile Ùr cho làidir aig am àm, chan eil e na iongnadh gun do bhuannaich iad – agus gus an latha an diugh, ’s e an aon duais nàiseanta nach do bhuinnig Cinn a’ Ghiuthsaich riamh.

Is e duais eireachdail a th’ ann an Cupa a’ Mhòid, gu math coltach ann am meud agus crùth ris an t-seann European Cup Winners Cup air an d’ fhuair Obar Dheathain agus Rangers greim uair neo uaireigin.  B’ àbhaist do bhonaid a bhith air a’ chupa, ach chaidh sin air iomrall thar nan linntean.

Is e duais shònraichte a th’ anns a’ Chupa cuideachd, leis gu bheil e ga chluich leis an dà sgioba as fhaisge air a’ Mhòd aig an àm.  Tha seo air cothrom a thoirt do mheasgachadh math de sgiobaidhean, gu h-àraidh sgiobaidhean beaga nach eil ro chleachdte ris an leithid, greim fhaighinn air duais nàiseanta.

Tha am Mòd air a bhith ann an Steòrnabhagh (1979, 1989 agus 2001), no ’s na h-Eileanan Siar (2005 agus 2011) còig tursan agus tha gach uair air cuir ri sgeulachd inntinneach na h-iomain anns an Innse Gall.

Chan eil e buileach soilleir mar a thachair leis a’ Mhòd ann an 1979 ach gun do bhuannaich Loch Carrain an aghaidh Camanachd an Eilein Sgitheanaich 5-3 as dèidh ùine a bharrachd. Tha aon rud cinnteach, bha Boyd MacCoinnich, fear a bha cho cudromach ri ath-leasachadh na Camanachd san eilean seo a’ cluich dha na Carrannaich.

Ann an 1989, thàinig Camanachd an Eilein gu Steòrnabhagh còmhla ris a’ Mhanachainn – chluich iad aig Ceann a’ Bhàigh le Eanraig MacAonghais mar rèitire. Bhuinnig an t-Eilean 4-2. A-rèir coltais, thug e seachdain do chuid dhe na gillean (tòrr a bha an-sàs anns an ath sheusan nuair a thog iad Cupa na Camanachd) a thilleadh a Phort Rìgh. Chaidh tadhal a thogail ann an Steòrnabhagh gu sònraichte airson a’ ghèam ach cha bhiodh gùth air spòrs nan Gàidheal ann an Leòdhas airson sia bliadhnaichean eile nuair a thòisich Dr Barden is a leithid na sgiobaidhean òigridh air feadh Eilean an Fhraoich.

Ann an 2001, cha robh ach Camanachd a’ Bhaic fo stiùir Bhoyd MhicCoinnich a’ cumail an àird ar spòrs agus chluich iad a’ chiad gheam iomain anns na Hearadh o chionn bhliadhnaichean an aghaidh Caol Acainn às an Eilean Sgitheanach. Is e 11-0 a bh’ anns an sgòr, ach a’ faicinn gun robh leithid de na bràithrean Moireasdanach, MhicIlleinein agus Sarah Corrigall anns an sguad òg sin, cha robh nàire sam bith ann dha na Bacaich òga a bhith a’ call. Gus an latha an-diugh, ’s e Caol Acainn an aon sgioba bhun-sgoil a bhuannaich duais naiseanta (no duais inbhich ann an spòrs sam bith le cinnt!).

Chaidh cràthadh a thoirt air cumadh a’ Mhòid anna n 2005, nuair a chaidh tagradh tar-eileanach a dhèanamh agus le sin, chaidh an gèam a chluich ann an Uibhist airson a’ chiad uair. Cha robh sgioba Leòdhasach air cluich còmhla ach uair no dhà roimhne seo. A-rèir aithisg on àm le Ally “Fro” MacLeòid:

“A match held during MOD 2005 was unquestionably Lewis’s worst performance so far. Poor defending, poor attacking, poor communication, poor passing and non-existent teamwork meant that we were lucky not to concede any more. James Mackenzie put in a captain’s performance and was undoubtedly Lewis’s best player, but everyone else was pretty awful (no offence everyone else), and even he couldn’t stop this heavy loss. The bus journey was fun…”

Bha e inntinneach dhà-rireabh ge-tà gur e mac Bhoy MhicCoinnich, Seumas a bh’ anns a’ chluicheadair a b’ fheàrr aig na Leòdhasaich, agus gun robh na ceanglaichean sin ann eadar 1979 is 2005.

 

Peter Gomez Shinty Uist Gaga sean anderson

Thug an call ann an 2005 spionnadh dhan Chomann a bha air ath-stèidheachadh ann an Leòdhas anns an Dubhlachd 2006 a bhith a’ leasachadh, agus leis an amas airson an cupa a bhuannachadh ann an 2011, chuir an Dubh is Gorm a-steach dha na cupannan aig Comann na Camanachd ann an 2007, agus an uairisn dhan Treas Roinn a Tuath ann an 2011 . Agus gu dearbh, is dualtach gur e Freastal a bha a’ ciallachadh gum biodh iad a’ farpais airson Duais a’ Chomuinn anns a’ chiad bhliadhna a chluich iad anns na lìogaichean an aghaidh Camanachd Uibhist.

Bha Uibhist gu math làidir aig an àm, a’ cluich ann an Lìog Leasachaidh Comann na Camanachd, agus bha geam faisg air a bhtih ann eadar an dà sgioba aig Fèis Cheilteach Innse Gall, le Leòdhas a’ buannachadh 3-1. Cha robh e buileach soilleir cho gheibheadh làmh an uachdair nuair a bhiodh iad a’ coinneachadh aig Sgoil Lionacleit.

Dh’èirich na Leòdhasaich tràth agus chaidh iad suas gu deas ann am Coidse nan Loch. Cha robh trioblaid sam bith ach gun robh sinn fada ro thràth anns an t-Òb agus theab Sgot Moireach am bàta a chall lesi gun robh e a’ gabhail air a shocair a’ coiseachd air ais on Bhutty Van!

Air madainn chàilear, loidhnich an dà sgioba an-àird. Is e gèam faisg a bh’ ann, le iomadh car mus do chuir Will Church dà thadhal airson a’ chùis a chur seachad.  Rinn na balaich Leòdhasach gàirdeachas mòr agus chaidh an duais a thoirt dhachaigh thar Caolas na Hearadh.  Cha robh ach aon chall ann, gun do sgrìobh Diablo òran mu dheidhinn!  Is e dòigh shònraichte a bh’ ann airson bliadhna eachdraidheil do dh’iomain sna h-Eileanan an Iar a dhùnadh.

WillTrophy

Innes, Andrew, Micheal, Conor

Tha am Mòd a’ tilleadh a-rithist anns an Dàmhair dha na h-Eileanan. Bha còir aig an geam am-bliadhna seo a bhith ga cluich ann an Uibhist a-rithist ach gu mì-fhortanach, tha eilthireachd agus oilthighean air buaidh mhòr a thoirt air sgioba Uibhist o chionn ghoirid agus mar sin, ’s e an dara sgioba aig an Eilean Sgitheanach a bhios a’ cluich nar n-aghaidh airson Cupa a’ Mhòid am-bliadhna.

Chan eil caraidean cho taiceil no cho dlùth air a bhith againn ris na Sgitheanaich far na pàirce nar strì airson inbhe ann an saoghal na Camanachd. Air a’ phàirc, chan eil na geamannan air a bhith ro fhaisg gu ruige seo, ach tha iad uile air a bhith gan cluich ann an spioraid air leth, agus bidh e na dhòigh fhreagarrach airson deich seusanan aig Camanachd Leòdhais a chòmharrachadh.

Mholadh sinn dhuibh uile a thighinn ann agus hò-rò-gheallaidh a dhèanamh còmhla rinn.

Taing dhan Chomunn Ghàidhealach airson taic a chur ri Cupa a’ Mhòid.

By eoghan

Leave a Reply

Your email address will not be published.