A-rithist, tha deagh àireamh de chluicheadairean o Chamanachd Leòdhais an-sàs ann an Sguad na h-Alba airson Iomain Cholmcille, an geam eadar-nàiseanta airson luchd-labhairt na Gàidhlig agus na Gaeilge.
Ged b’ fheudar do Phòl Duke tarraing a-mach, tha Sean MacLeòid, Innes MacLaomainn, Ally MacLaomainn agus Pàdraig Mac na Ceardaich uile an-sàs ann. Is e seo an dara cheap aig na bràithrean MhicLaomainn agus Pàdraig, ach bidh Sean a’ nochdadh ann mar an fhear leis an àireamh as motha de cheapaichean na h-Alba, leis mar a tha e air cluich anns a h-uile geam Alba aig Iomain Cholmcille o 2007.
Thuirt Iain Mac na Ceardaich “Tha sinn gu math pròiseil às na gillean. Tha iad a’ dèanamh glè mhath agus bidh iad a’ dèanamh Leòdhas air fad pròiseil cuideachd. Suas leis na h-Albannaich!”
Tha Eòghan Stiùbhart an-sàs ann mar Cho-ordanaiche a’ Phròiseict cuideachd agus thuirt esan “Tha Iomain Cholmcille air fàs an co-chomunn le Camanachd Leòdhais agus tha na gillean o Chamanachd Leòdhais air mòran a thoirt on tachartas a tha air cur ris a’ chluich aca pèin agus ris a’ chlub.”
“Tha Sean airidh air an tiotal mar an fhear leis an àireamh as motha de cheapaichean. Tha e air bhith aig cridhe Iomain Cholmcille on fhìor thoiseach agus bidh e cudromach Disathairne a-rithist.”
Bidh Alba a’ cluich Fir Uladh, a’ riochdachadh Gaeilge na h-Èireann air Pàirc Loch Innse, Glaschu Disathairne 8 An t-Samhain aig 1.30f.
Tha Iomain Cholmcille a’ faighinn taic o Cholmcille, buidheann a bhios ag amas air ceanglacichean eadar Gàidheil ann an Èirinn agus Alba a bhrosnachadh agus a neartachadh.
4 Lewis players, Ally and Innes Lamont, Paddy and Sean, have been chosen to represent the national Gaelic team, Alba, at Iomain Cholmcille 7 in Glasgow this weekend – the game throws up at Lochinch Park at 1.30pm on Saturday 8 November