Meal a naidheachd air Lucy NicLeòid (àireamh a 6) a chluich do dh’Alba aig Iomain Cholmcille, fèis eadar-nàiseanta na h-iomain do luchd na Gàidhlig is na Gaeilge ann am Béal Feirste Disathairne.
Bhuannaich Boireannaich na h-Alba an dà gheam aca 9-4 agus 15-9 airson Còrn Sgàthaich a thogail. Gu mì-fhortanach, cha robh cothrom aig Paddy Mac na Ceardaich falbh le sgioba nam fear ri linn trioblaidean siubhail, ach thog iadsan Còrn Cholmcille le trì buaidhean sònraichte ann am farpais nam fear. Ma tha thu airson gach cluicheadair Camanachd Leòdhais a tha air cluich do dh’Alba, bheir sùil air seo.
Tha Lucy air cluich air sgioba làn nàiseanta na h-Alba, agus b’ e seo an treas turas aice a’ cluich do sgioba Gàidhlig na h-Alba. Thòisich Lucy air an iomain aig Srath Ghlais agus lean i oirre aig Oilthigh Dhùn Èideann.
Bhon a ghluais i a Leòdhas an-uiridh, tha Lucy air mòran obair a dhèanamh còmhla ri Camanachd Leòdhais (fiù a’ nochdadh airson a’ chiad sgioba) agus tha i an dòchas seiseanan airson boireannaich a chur gu dol air bun-stèidh ceart san àm ri teachd.
Bidh Lucy aig stiùir seisean camanachd do bhoireannaich ann Disathairne 18 An t-Samhain aig Barraid Mhic a’ Ghobhainn.